Dè th'ann an Metropolitan Community Church?
'S e eaglais Crìosdaidh a th'unainn. Tha sinn a' feuchainn ri àite sàbhailte a chruthachadh far am bi neach sam bith saor adhradh a dhèanamh do Dhia. Nar bharail-sa tha còir aig a h-uile neach, gàidh, leasbach, dà-chomasach, de ghnè-atharraichte (LGBT) no rèidh, an cothrom fhaighinn pàirt a ghabhail anns an teaghlach Chrìosdaidh.
Tha sinn nar pàirt den Eaglais MCC eadar-nàiseanta. Thòisich sinn anns a' choimhearsnachd LGBT. Bha soisgeul Dhè, mu ghaol shaoiridh cùmhachdadh, air leth cudromach do bhuidheann ann an suidheachadh cho doirbh. Ach 'se teachdaireachd a tha seo airson a h-uile neach!
Tha gaol cùmhachdadh Dhè ann dhan a h-uile neach. Chaidh ar cruthachadh le adhbhar. Ro thric, tha sinn ga lorg doirbh gaol a bhith againn dhuinn fhèin.
Eil thu airso a bhith nad phàirt de dh'eaglais a chuireas fàilte air neach sam bith? Tha sinn ag obair le daoine air feadh na h-Alba gus dòighean a lorg obair còmhla, as bith càite bheil thu - air croit no ann an cafe, ann an eaglais no cluba, aig an taigh, air-loidhne no air am fòn. Cuir brath thugainn, no dèan còmhradh air am fòrum gus faighinn a-mach ciamar a ghabhas tu pàirt.
An dràsta, tha eagalaisean againn ann an Dùn Eideann, Glaschu agus Inbhir Nis.
Tha sinn gu mòr a' creidsinn ann an GAOL A SHAORAS!